Home > Classes, Community, UGC, Video > Movie Maker? Dèan fhèin e!

Movie Maker? Dèan fhèin e!

Seo eisimpleir eile dhen t-seòrsa rud a b’ urrainn dhuinn dèanamh – ma thèid againn air an obair a tha sinn air a bhith a’ leasachadh a thoirt air adhart chun na h-ath ìre.

Bha clas airson luchd-ionnsachaidh na Beurla aig Cothrom o chionn bliadhna no dhà. Agus chuir iad romhpa fhèin pròiseact sònraichte a choileanadh – film goirid a dhèanamh a bhiodh a’ sealltainn na h-obrach a bha iad ris, agus an dòigh beatha a bh’ aca sna h-eileanan.

Abair deagh eacarsaich a bh’ ann airson cànan ionnsachadh! An toiseach bha aca ri deasbad agus aontachadh dè na seallaidhean a bha iad ag iarraidh san stòiridh: am bàta-aiseig, beathaichean, eunlaith, muir is tìr, na h-àiteachan far an robh iad a’ fuireach agus ag obair, agus gu sònraichte na diofar rudan a bhiodh iad a’ dèanamh nan obair làitheil.

An uair sin thug sinn camara dhaibh airson na dealbhan sin a thogail. As dèidh sin bha aca ri na dealbhan a chur ann an òrdugh, a’ cleachdadh Windows Movie Maker. Obair caran teicnigeach a bha sin, ach rinn iad fhèin an gnothach air (ag ionnsachadh sgilean ùra IT aig an aon àm ’s a bha iad ag ionnsachadh a’ chànain).

Agus an uair sin, ’s iad fhèin a sgrìobh an aithris a rachadh leis na dealbhan (le cuideachadh an siud ’s an seo bhon luchd-teagaisg). Agus a-rithis, ’s iad fhèin a chlàr an guthan a’ toirt seachad na h-aithris, le ceòl ann cuideachd bho oileanaich sa cholaiste ionadail.

Obair mhòr a rinn iad, a thug orra an cànan a chleachdadh ann an suidheachaidhean ùra, agus a thug misneachd dhaibh leis cho soirbheachail ’s a bha iad aig an deireadh.

Nis, ma thèid aig luchd-ionnsachaidh na Beurla air rudeigin mar sin a dhèanamh, a bheil adhbhar sam bith nach gabhadh rudeigin coltach ris dèanamh sa Ghàidhig – le luchd-ionnsachaidh no fileantaich? Sin an rud a tha sinn airson fheuchainn – a’ gabhail ris aig an aon àm gum bi feadhainn ann a bhiodh airson tòiseachadh le audio a-mhàin, ’s dòcha, no sgrìobhadh. Tha Am Pàipear air duais eile fhaighinn am bliadhna. Nach e bhiodh math stuthan ioma-mheadhan bhon choimhearsnachd a chur air an làrach spaideil aca!

Seo am film a rinn iad:

Transcript

English summary

This was a project for English language learners from Poland and Latvia who wanted to make a film about their life and work here in the Hebrides.

First of all they had to agree the contents of the film, and what sort of pictures they wanted – scenery, animal life, the places where they lived and worked, and particularly the different things their work involved. Then they borrowed the camera to take the pictures. After that they edited a picture sequence together using Windows Movie Maker, simultaneously developing IT and language skills.

Finally, the learners themselves scripted the voiceover commentary (with some help from teachers) and recorded the narration. All in all, it was a very fruitful learning process which helped to build the learners’ confidence in using the language in new situations.

It’s this kind of work we want to develop bilingually in the next stage of the Island Voices project – recognising also that, for some, audio recording or written work will be a more comfortable jumping off point. Am Pàipear is Community Newspaper of the Year again. Wouldn’t it be good to see multimedia materials from the community on their site!

Advertisements
Categories: Classes, Community, UGC, Video
  1. 14/03/2011 at 12:50 pm

    Hi there

    What a great project. It was so interesting to see your lives through your video work here. I hope you plan to do more projects like this?

    Richard Gresswell
    ESOL Teacher

  1. 27/04/2011 at 8:23 am
  2. 08/08/2011 at 5:35 pm
  3. 26/12/2011 at 6:56 am
  4. 25/04/2012 at 11:05 am

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: