Home > Community, UGC > Molaidhean do Volker?

Molaidhean do Volker?

Cò an duine snog còir sin a tha ag obair aig Bùth Niallaidh? Duine às a’ Ghearmailt aig a bheil a’ Bheurla cho math, agus a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a-nist? Cò ach Volker! Cha mhòr nach bi a h-uile duine ann an Uibhist eòlach air mar-thà. Ach ’s cinnteach nach bi fios aig mòran dè an cur-seachad sònraichte a th’ aige…

Tha Volker air a bhith a’ tighinn dha na coinneamhan sa choimhearsnachd air Guthan nan Eilean leis gu bheil ùidh aige an dà chuid ann an cànain Uibhist agus ann an obair “air-loidhne”. Carson? O chionn ’s gur toil leis a bhith a’ dèanamh modalan beaga bìodach, agus a’ taisbeanadh a chuid obrach air an làrach aige fheìn.

Agus tha agallamh leis a-nis ri leughadh an seo. Tha Volker fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig. Mar sin, ’s ann sa Bheurla a tha an t-agallamh seo. Ach, cò aige tha fios, an ceann mìos no dhà ’s dòcha gum bi e a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig cuideachd?

Co-dhiù, mar a chì sibh, tha ceist aige airson muinntir Uibhist. Siuthadaibh, dè bhur beachdan?

(English version in Am Pàipear here.)

Categories: Community, UGC
  1. No comments yet.
  1. 01/10/2012 at 9:00 am
  2. 13/12/2012 at 1:29 pm

Leave a comment