Tommy agus Am Prionnsa
Tha Tommy Dòmhnallach a’ bruidhinn ri Gordon Wells mun obair rannsachaidh a tha e a’ dèanamh airson Stòras Uibhist. Mar a tha fhios aig mòran bha Am Prionnsa Teàrlach an seo ann an Uibhist is Beinn na Faoghla fad treiseag mus do theich e dhan Eilean Sgitheanach le cuideachadh Flòraidh NicDhòmhnaill. Tha Tommy airson sgeulachdan is òrain mu dheidhinn àite sam bith san robh am prionnsa a chruinneachadh, a dh’fhaodadh a dhol air làrach-lìn ùr a bhios tlachdmhor do luchd-turais, a bharrachd air muinntir na sgìre fhèin. Nach cuir sibh fios thuige ma tha sgeul agaibh fhèin ri innse!
Èistibh an seo:
(English explanation here on the Am Pàipear “Guthan: Voices” page.)
Comments (0)
Trackbacks (0)
Leave a comment
Trackback