Dìleab Thormoid
Tha beagan ùine air a dhol seachad a-nis on a chaochail Tormod MacGill-Eain (31/08/17) aig aois 80 bliadhna. Agus chaidh tòrr a sgrìobhadh ma dheidhinn mar-thà, ann am pàipearan naidheachd is eile, far an deach a mholadh gu mòr:
The Times (Peter Ross)
The Herald (Phil Davison)
The West Highland Free Press (Angus Peter Campbell)
Bella Caledonia (Jamie Chambers)
The Scotsman (John MacLeod)
Mar a thuirt sinn air Facebook agus Twitter aig an àm, chan eil na faclan againne airson rud nas brìoghmhor na na chaidh a sgrìobhadh shuas a ràdh mun duine fhèin. Ach ’s e rud mòr mòr a rinn Tormod airson Guthan nan Eilean thairis air na bliadhnaichean, agus tha còir againn an dìleab a dh’fhàg e dhuinn a chomharrachadh le taing agus meas mòr.
’S ann ann an 2010, beagan as dèidh dha thilleadh a dh’Uibhist, a thàinig sinn tarsainn air Tormod an toiseach, fhad ’s a bha sinn a’ dèanamh filmichean mu dheidhinn Pàipear Uibhist ann an Dalabrog airson Series 2 Enterpise cuide ri Eairdsidh MacAoidh a bha na neach-deasachaidh aig an àm. Mar a thionndaidh gnothaichean a-mach ghabh e pàirt mhòr sna filmichean aithriseach (Gàidhlig agus Beurla), ach a bharrachd air an sin thug e dà agallamh dhuinn agus dà phìos “to camera” air a thoil fhèin, agus iad sin san stoidhle shònraichte aige ann an guth soilleir làidir. Abair toradh dhuinne agus dhan obair a bha sinn a’ dèanamh!
Ach cha b’ e sin ach toiseach an sgeòil. Beagan bhliadhnaichean an dèidh sin, nuair a bha am pròiseact air gluasad air adhart rud beag, agus a’ feuchainn ri obair chlàraidh a bhrosnachadh sa choimhearsnachd, chaidh Màiri Mhoireasdan a thadhal air Tormod a-rithist, agus e a-nis a’ fuireach ann an Griomasaigh. Bha Màiri a’ sireadh sgeulachdan – agus sin a fhuair i gun teagamh sam bith! Nan robh i dìreach air “Àiridh na h-Aon Oidhche” a-mhàin fhaighinn ’s i a bhiodh toilichte, ach a-rithist, aon uair ’s gun robh Tormod air tòiseachadh bha e doirbh stad a chur air. Agus mar sin fhuair sinn dhachaidh le “Blàr Chàirinis” sa chamara againn cuideachd, agus an dà sgeul sin a’ nochdadh air an duilleag “Storytellers” againn fhèin, ach cuideachd an dèidh sin air an gabhail agus air an leasachadh le TRACS aig an Scottish Storytelling Centre ann an Dùn Èideann.
B’ e an ath rud a bh’ aig Màiri An Cogadh Mòr – pròiseact a rinn i le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath. Bha pàirt aig Tormod an sin cuideachd, agus tillidh sinn thuice sin aig an deireadh. Ach an uair sin, thàinig am “Big Bang” – dà phròiseact mòr a rinn Tormod air ar son san dà bhliadhna mu dheireadh. ’S e fhèin a dh’fhaighnich an toiseach am biodh ùidh againn ann an sreath de sgeulachdan a bha e air sgrìobhadh a chlàradh. Cha b’ e ruith ach leum dhuinn gabhail ris! ’S iad sin na seachd bhideothan a nochd an toiseach mar “Sgeulachdan Thormoid” ann an 2015. Le tiotalan mar “Mìorbhailtean ann am Barraigh”, “Bodach nan Serviettes”, agus “A Bhean-uasal Nicìomhair à Cnoc an t-Soluis air a’ Bhac” tha fios agad fiù ’s mus cluinn thu iad gu bheil spòrs gu bhith agad gan èisteachd. Agus ged a bha Tormod a’ faireachdainn aois (78) a-nis, agus a’ leughadh a-mach a’ mhòr chuid dhiubh, bha stoidhle aige fhathast na dhòigh-lìbhrigidh.
Agus an uair sin, dìreach an uiridh, lean sinn “Sgeulachdan Thormoid” le “Saoghal Thormoid”, agus iad air an cur còmhla air an aon duilleag “Norman Maclean”. ’S e a th’ ann an “Saoghal Thormoid” ach sreath de chòmhraidhean anns an tug e dhuinn trì uairean gu leth dhen Ghàidhlig as fheàrr a chluinneas tu riamh san latha a th’ ann. Air an cur air dòigh le Soillse tha na clàraidhean sin air a dhol a-staigh dhan Digital Archive of Scottish Gaelic (DASG) aig Oilthigh Ghlaschu mar-thà. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun cùm iad sin sgoilearan agus luchd-rannsachaidh chànanachais trang gu leòr sna bliadhnaichean ri teachd! Ach chan ann a-mhàin airson na Gàidhlig aige, ach cuideachd na beachdan agus na cuimhneachan aige air beatha nan Gàidheal an dà chuid ann an Glaschu agus sna h-Eileanan. Mar a thuirt Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin an seo, “Tormod’s life is an acknowledgement of the cultural wealth of Gaelic society, and by virtue of this archive, he represents an ambassador to its future.”
Agus chan eil teagamh ach gun tug an obair sin buaidh shònraichte air Gordon Wells, a rinn na clàraidhean. Mar a thuirt e ann an àite eile, “There’s plenty of laughter and entertainment along the way, of course, but it’s well worth listening to Norman for many other reasons than that: vividly recalled childhood memories of mid-Twentieth Century Glasgow and the Hebrides; open introspection on the community relations issues of those days, and their lingering effects; wide-ranging discussion of creative influences in music, literature, and popular entertainment; all brought right up to date with acute, and sometimes cutting, commentary on current affairs, but topped off with a generous commitment to the continued sharing of cultural gems. And all in language that I, as my mother’s son, can only describe as beautiful.” Nach e a bha fortanach gun d’ fhuair e an cothrom na clàraidhean seo a dhèanamh!
San dealachadh, measg nam molaidhean às gach ceàrn a th’ air tighinn troimhe mu dheidhinn Tormod, gu h-àraid air na bliadhnaichean mu dheireadh aige air ais ann an Uibhist, ’s iomadh duine a th’ air iomradh a thoirt air cho deidheil ’s a bha e air cuideachadh a thoirt don òigridh sna h-eileanan a bha a’ feuchainn ri grèim a chumail air ceòl agus cultar na Gàidhlig. Bha sin cho soilleir ’s a ghabhas san fhilm eile seo a rinn e airson Guthan nan Eilean, san t-sreath “The Great War” a chuir Màiri Mhoireasdan ri chèile. Sgrìobh e na rannan seo gu sònraichte airson na cloinne aig Sgoil Chàirinis (an sgoil dhan deach a mhàthar, agus i air a h-athair fhèin a chall sa chogadh). Tha teachdaireachd shònraichte aige dhaibh, agus chìthear gu soilleir cho mòr ’s a bha e a’ còrdadh ris a bhith ga lìbhrigeadh – agus, gun teagamh, mar a chord e riuthasan a bhith ga èisteachd. Abair dìleab!
Tha ar co-fhaireachdainnean a’ dol dhan teaghlach aige, agus dhan h-uile duine a bha dlùth ris, no a choimhead às a dhèidh sna bliadhnaichean mu dheireadh. Agus tha sinn gu sònraichte an comain Peigi is Mike Townsend a chuidich sinn le bhith a’ cur na clàraidhean mu dheireadh air dòigh, a bharrachd air a h-uile rud eile a rinn iad airson Tormod. ’S cinnteach nach bi a leithid ann a-rithist, ach tha sinn cho taingeil aig Guthan nan Eilean gun robh e cho deònach ar cuideachadh. Ged a bhios e fhèin agus an cànan aige bhuainn a-nis, ’s e a thug eisimpleir dhuinn. Tha cothrom agus còir againn an eisimpleir sin a leantail. Fois shìorraidh dha anam.
Nach math a rinn na h-Ùibhistich òga aig a’ Mhòd le Sgeulachdan Thormoid…
http://www.bbc.co.uk/programmes/p05kv06c
http://www.bbc.co.uk/programmes/p05kv1kb