Sealladh Eòrpach air Saoghal Thormoid
Mar a tha fios againn, bha Tormod MacGill-Eain gu math dèidheil air cànain. Bha Gàidhlig agus Beurla aige bho thùs, agus chòrd e ris a bhith ag ionnsachadh feadhainn eile cuideachd – Eadailtis, Frangais, agus Gearmailtis nam measg. Tha sinn air a bhith a’ cluinntinn cuideachd, o chionn treiseag a-nis, mu dheidhinn nan ‘Gàidheileamailteach’ a tha ag ionnsachadh Gàidhlig thall sa Ghearmailt, mar eisimpleir sna clasaichean air an ruith le Mìcheal Klevenhaus aig Acadamaidh na Gàidhlig sa Ghearmailt.
Ann an seachdain Latha Eòrpach nan Cànan, sgrìobh Stefanie Linzer thugainn mu dheidhinn clas san robh i fhèin, far an robh iad a’ cleachdadh Saoghal Thormoid mar stuth-ionnsachaidh. Nach e a bhiodh toilichte agus fios aige gu bheil daoine fhathast cho dèidheil air a bhith ag èisteachd ris – mar a tha sinne aig Guthan nan Eilean gum bi daoine a’ cur na clàraidhean a rinn sinn gu feum! Seo am pìos a sgrìobh Stefanie, le molaidhean glic aice aig an deireadh. Nach math a rinn i!
Gum biodh Latha Eòrpach nan Cànan sona againn uile!
Mar phàirt den chlas Ghàidhlig againn ann am Bonn san Lùnastal 2018, chaidh sinn tron chiad agallamh a rinn Gordon Wells còmhla ri Tormod Mac Gill-Eain. ‘S e “Saoghal Thormoid: Diluain – Sinnsireachd” a th’ air, is dh’innis Tormod dhuinn mu a bheatha is a theaghlach. Chan eil fhios agam an cuala mi Gàidhlig na b’ fheàrr a-riamh.
Ach aig an aon àm feumaidh mi aideachadh gun robh mi a’ faireachdainn caran gòrach a bhith ag èisteachd ris an duine ainmeil seo o chionn ‘s nach do thuig mi ach glè bheag den agallamh aig an toiseach. Bha e cianail doirbh. Le deagh adhbhar cha tug an tidsear an teacsa dhuinn ro làimh an dùil gun leasaich sinn na sgilean againn agus bha sinn uile den bheachd gum b’ e dùbhlan mòr a bha seo. Chaidh faighneachd dhinn dè bha sinn air tuigsinn is cha tàinig mòran às, ach chruinnich sinn còmhla na bh’againn. An uair sin chaidh sinn tron agallamh a-rithist is mhothaich sinn gun do rinn sinn adhartas. Gu fortanach fhuair sinn uile an teacsa às dèidh sin is leis an teacsa nar làimh, dh’fhàs cnag na cùise gu math soilleir a bhith ag èisteachd ris an agallamh is ga leughadh aig an aon àm.
Fhuair sinn tòrr a-mach mu bheatha Thormoid: a theaghlach, a’ Ghàidhlig san teaghlach, a shaoghal nuair a bha e òg is san fharsaingeachd cò leis a bha e. Bha sinn uile den bheachd gum b’ e duine laghach comasach, spòrsail a bh’ ann, fear a bha moiteil às a bheatha gun a bhith mòr às fhèin. A bharrachd air sin dh’ionnsaich sinn an t-uabhas: faclan ùra is abairtean nam measg. Chanainn gun robh sinn fortanach gun robh cothrom a chlàraidh ann fhathast is mholainn an sreath airson luchd-ionnsachaidh ann an saoghal na Gàidhlig. Gabhaibh an cothrom is na caillibh ur misneachd mura tuig sibh a h-uile sìon sa bhad.
Le Steafanaidh Linzer