Home > CALL, Community, Research, Video > Cànain eileanach eile

Cànain eileanach eile

Dhaibhsan a dh’fhaodadh a bhith ag iarraidh Gàidhlig sgrìobhte fhaicinn an seo bho àm gu àm, seo dà alt a nochd o chionn treiseag ann an “Sgrìobag” – a’ chuairt-litir aig Sabhal Mòr Ostaig – air an cur còmhla. ’S ann mu dheidhinn Uidsianàguidsidh agus Diaimeugan a bha iad.

“Uidsianàguidsidh”?? Seadh, sin mar a dh’fhaodadh tu うちなーぐち, ainm cànan Okinawa, a sgrìobhadh ann an Gàidhlig, nam biodh feum air – mar a bha aig Caoimhín Ó Donnaíle nuair a sgrìobh e duilleag ghoirid ma deidhinn airson an Uicipeid.

Agus carson a rinn e sin? Leis gun tug Gordon Wells air aonad Chlilstore a thogail sa chànan sin, a rachadh le film mu dheidhinn Sabhal Mòr Ostaig a chaidh a dhèanamh airson Guthan nan Eilean. Chan e obair bheag a bha sin. Leis nach eil faclair air-loidhne ann airson Uidsianàguidsidh, bha feum air “custom wordlist” a chur cuide ris. ’S e rud gu tur ùr a tha sin airson Clilstore, a bhios gu math feumail le mion-chànain eile a tha san aon staing.

Bidh cuimhne aig cuid gun deach am film seo a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Beurla an toiseach, le tionndadh ann am Breatnais a’ tighinn a-mach as dèidh sin.

Cha bhithear a’ cluinntinn mòran mu dheidhinn Uidsianàguidsidh ann an Alba, no fiù ’s ann an Seapan, ach ’s e cànan gu math inntinneach a th’ ann. Seo am film “ùr” air YouTube le ceangal ri Clilstore na lùib:

Agus seo cànan ùr eileanach eile airson Clilstore. ’S e “Diaimeugan” – no “Jamiekan” mar a chuireas iad air san speiligeadh aca fhèin – an crìtheol a thathas a’ bruidhinn air an eilean ud air taobh thall a’ Chuain Siar, ach a chluinneas tric gu leòr san dùthaich seo cuideachd, gu h-àraid mas math leat ceòl Reggae no Dancehall.

Co-dhiù, tron phròiseact “Mediating Multilingualism”, tha Gòrdan agus Caoimhín air a bhith ag obair airson ’s gum biodh e comasach an aon seòrsa rud a dhèanamh ann an Diaimeugan le Clilstore agus a thèid a dhèanamh a-nis le Uidsianàguidsidh agus iomadach cànan eile, Gàidhlig (an dà chuid Albannach is Èireannach) nam measg. Chaidh aca air a’ chiad eisimpleir a chruthachadh o chionn ghoird, le tòrr a bharrachd fhathast ri teachd.

A-rithist, ’s e seann fhilm le Guthan nan Eilean a chaidh a chleachdadh airson an siostam fheuchainn a-mach, an turas seo air Tobar an Dualchais agus an t-ionad a b’ àbhaist a bhith aca ann an Loch Baghasdail deich bliadhna air ais. Mòran taing do Hugh Caimbeul aig an Jamaican Language Unit aig Oilthigh nan Innseachan an Iar airson a ghuth a chur ris. Bidh cuimhne aig cuid gu bheil tionndadh eile ann ann an Sgots mar-thà le Alistair Heather, a bharrachd air Gàidhlig is Beurla.

Faodar barrachd a leughadh ann am Beurla air ar blog mu dheidhinn an dà chuid Uidsianàguidsidh agus Diaimeugan agus mar a tha iad a’ cur ris na cànain eile againn. Tha 21 againn uile gu lèir a-nis. Cò an ath fhear?

Categories: CALL, Community, Research, Video
  1. No comments yet.
  1. No trackbacks yet.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: