Home > CALL > TOOLS airson cuideachadh le Gàidhlig

TOOLS airson cuideachadh le Gàidhlig

Tha Gordon Wells dìreach an dèidh tilleadh às a’ Bheilg far an robh e fhèin agus Caoimhín Ó Donnaíle ag obair le colaistean is oilthighean eile air pròiseact ùr, air a bheil an t-ainm TOOLS. Chan eil ann ach toiseach tòiseachaidh, ach tha iad an dùil inneal ùr a chruthachadh a chuidicheas luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh ma tha iad feumach air facal a lorg ann am faclair air-loidhne.

Thèid aig luchd-cleachdaidh air clàraidhean (mar eisimpleir air YouTube) a chur air duilleag ùr le tar-sgrìobhadh ann cuideachd. An uair sin faodaidh tu facal sam bith a leughas tu a lorg ann am faclair, mura bheil thu ga thuigsinn. Thathas an dùil agus an dòchas gum bi seo na chuideachadh do luchd-ionnsachaidh, ged a tha e follaiseach nach ionnsaich thu cànan sam bith le faclair a-mhàin!

Tha an sgioba air blog a thòiseachadh far am bi iad a’ cur suas eisimpleirean dhen obair aca fhad ’s a tha iad a’ gluasad air adhart. Tha eisimpleir Ghàidhlig ùr an seo, a’ cleachdadh film a chaidh a dhèanamh airson Guthan nan Eilean.

Chìthear cuideachd gur urrainn dhut ceanglaichean a chur air an duilleig gus an leantail gu duilleagan eile air an eadar-lìon. Mar sin, tha sin a’ toirt cothrom dhut “aonadan ionnsachaidh” a thogail le duilleagan Hot Potatoes no duilleagan iomchaidh eile. Bidh e inntinneach fhaicinn dè cho furasta ’s a bhios an t-inneal seo ri chleachdadh ann an coimhearsnachd mar Uibhist, agus dè cho feumail ’s a bhitheas e airson Gàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh.

Categories: CALL
  1. 01/02/2012 at 7:20 pm

    Tha e ag obair seachd turais nas fhearr a-nis ‘s am Faclair Beag fada nas luaithe na bha e roimhe, b’ àbhaist dhuinn a bhith mar astar dall an cabarach 🙂

  1. No trackbacks yet.

Leave a comment