Home > Classes, Community, Research, Video > Talking Points le Tormod et al

Talking Points le Tormod et al

MOOTPicFinalSna seachdainnean mu dheireadh aig a’ phròiseact Mediating Multilingualism aig Institiùd Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean thàinig na com-pàirtichean eadar-nàiseanta sna h-oilthighean ann an Alba, Diaimeuga, agus sna h-Innseachan còmhla airson cuspairean san robh ùidh aca uile a dheasbad cuide ri luchd-labhairt às an Rìoghachd Aonaichte aig a bheil cànanan coimhearsnachd. Chleachd iad pìosan a-mach à Saoghal Thormoid airson na deasbadan (a chaidh a chumail sa Bheurla) a thòiseachadh. Chaidh na còmhraidhean seo a chlàradh, agus tha iad a-nis ri fhaighinn air sianal YouTube Guthan nan Eilean.

Bheir an clàr shìos ceanglaichean ris na deasbadan gu lèir, cuide ris na bhidiothan le Tormod MacGill-Eain a’ bruidhinn.

Cuspair Còmhradh Clàraichte Earrann à Saoghal Thormoid
Cànanan ann an Cunnart Talking Points 1 Saoghal Thormoid 1
Cànanan air an Rangachadh Talking Points 2 Saoghal Thormoid 2
Cànanan Taobh ri Taobh Talking Points 3 Saoghal Thormoid 3

Faodar criomagan às na h-earrannan ann an Saoghal Thormoid fhaicinn an seo, airson blasad beag fhaighinn dhe na beachdan aig Tormod fhèin.

1. Gaelic Trajectory? 2. English Ascendancy?
3a. Bilingual Balance? 3b. Homecoming Postscript

Agus ma tha ceistean agad, no ma tha thu airson puingean a thogail air-loidhne sna deasbadan seo, faodaidh tu pàirt a ghabhail sna còmhraidhean a bhios a’ dol ann am MOOT Guthan nan Eilean! Rud nach bi a’ tachairt a h-uile latha… Siuthad! Carpe diem!

Categories: Classes, Community, Research, Video
  1. No comments yet.
  1. No trackbacks yet.

Leave a comment