Home > Audio, CALL, Classes, Community, Research, UGC, Video > Coimhead air ais air Guthan nan Eilean

Coimhead air ais air Guthan nan Eilean

Tha 10 bliadhna air a dhol seachad on a thàinig Sreath 1 dhe na bhideothan aig Guthan nan Eilean a-mach air DVD. Tha am pròiseact air fàs gu mòr on uair sin ann an diofar dhòighean. Tha a h-uile rud air-loidhne a-nis (seach air DVD); chuir Sreath 2 (Outdoors, Generations, Enterprise) gu mòr ris an uiread de bhideothan air an dèanamh le luchd-obrach a’ phròiseict; agus tha muinntir nan eilean agus buidhnean sa choimhearsnachd air a dhol an-sàs ann an stuthan ionnsachaidh a chruthachadh dhaibh fhèin. ’S dòcha gur e an aon rud nach eil air atharrachadh gu bheil an cuideam as truime fhathast ga chur air feuchainn ri clàradh Gàidhlig sam bith a thig a-mach às a’ phròiseict a stèidheachadh air beatha nan Gàidheal anns na h-eileanan. Gabhaidh sin fhaicinn fiù ’s sna sreathan às ùire – “Sgeulachdan Thormoid” agus “Saoghal Thormoid” anns an d’ fhuair am pròiseact stòiridhean agus còmhraidhean le Tormod MacGill-Eain san dà bhliadhna mu dheireadh, agus e air seatlaigeadh air ais ann an Uibhist.

Taic do luchd-ionnsachaidh

Thòisich Guthan nan Eilean (le taic bhon Aonadh Eòrpach) mar sgeama airson taic shìmplidh a thoirt do luchd-teagaisg agus do luchd-ionnsachaidh le bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Mar sin, bho thùs tha am pròiseact air a bhith airson comasan a leasachadh measg dhaoine sa choimhearsnachd ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ sgaoileadh stuthan ionnsachaidh. Leis gu bheil barrachd stuth ann airson luchd-tòiseachaidh, san fharsaingeachd, na tha airson daoine a tha airson cumail orra gu fileantas, chuir am pròiseact cuideam air stuthan aig ìre caran nas àirde na an àbhaist – le measgachadh de phrògraman aithriseach, agus agallamhan le daoine sa choimhearsnachd a’ bruidhinn gu nàdarra. ’S e sin an seòrsa rud a tha ri fhaotainn ann an Sreathan 1 agus 2, le taic a bharrachd ann tro Chlilstore a bheir dhut an tar-sgrìobhadh air-loidhne cuide ris an fhilm fhèin.

Air an dèanamh leis a’ choimhearsnachd

An dèidh na sreathan sin, dh’atharraich an dòigh-obrach sa phròiseact. Chan e an luchd-obrach a chruthaich na stuthan ùra, ach daoine sa choimhearsnachd fhèin. Chìthear sin, mar eisimpleir, air na duilleagan “The Great War” no “Bonnie Prince Charlie”, sreathan a chaidh a dhèanamh ann an co-obrachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath agus Stòras Uibhist, far an do rinn daoine mar Màiri Mhoireasdan, Tommy Dòmhnallach is eile an clàraidhean fhèin airson sgaoileadh air làrach a’ phròiseict. San dòigh seo fhuair am pròiseact stòiridhean ùra aig ìre fiù ’s nas fhaisge air a’ coimhearsnachd, agus bha cothrom aig daoine ùra a dhol an-sàs san obair agus sgilean a leasachadh.

Meadhanan sòisealta agus cànanan eile

Thòisich am pròiseact air-loidhne air WordPress (airson làrach-lìn) agus YouTube (airson nam filmichean). Ach an uair sin chaidh duilleag Facebook a chur air dòigh airson cuideachadh le fios a sgaoileadh mu na bha a’ dol anns a’ phròiseact agus anns a’ choimhearsnachd. Tha cunntas Twitter ann cuideachd, agus a-nis tha timcheall air 3,000 luchd-leantainn ann uile gu lèir, a tha sgapte air feadh an t-saoghail. Bho thùs bha am pròiseact ag obair gu dà-chànanach le Gàidhlig agus Beurla. Ach, mar a tha cùisean air fàs is air leasachadh, tha cànanan eile air nochdadh ann, leithid Gàidhlig na h-Èireann, Cuimris, Basgais, is eile. Aon uair is gun tòisich iad air cànan ùr ionnsachadh tha an ùidh aig cuid a’ fàs ann an dà-chànanas, agus mar as urrainn dhaibh cànanan eadar-dhealaichte a chleachdadh còmhla.

Tormod MacGill-Eain

’S dòcha gum b’ e Tormod MacGill-Eain an duine a bu chliobhaire gus sin a thuigsinn, agus e aig an aon àm fear dhe na daoine a b’ fheàrr airson sgeulachdan Gàidhlig is eile a chlàradh. As dèidh dha tilleadh a dh’Uibhist rinn e pìos no dhà airson Sreath 2 an toiseach. Chaidh e an-sàs anns na duilleagan “Storytellers” agus “Great War” cuideachd. Ach ’s e na “pièces do résistance” aige na sreathan a rinn e aig deireadh a bheatha, agus bha am pròiseact gu math fortanach gun d’ fhuaras an cothrom a ghuth a chlàradh fhad ’s a bha an comas fhathast aige gus na stòiridhean aige fhèin innse san stoidhle aige fhèin (“Sgeulachdan Thormoid”) agus, an uair sin, a bheachdan agus a chuimhneachan air beatha nan Gàidheal eadar Glaschu agus na h-Eileanan a mhìneachadh ann an sreath de chòmhraidhean fada (“Saoghal Thormoid”). Tha na clàraidhean sin uile rim faighinn a-nis ann an aon àite air làrach a’ phròiseict fon tiotal “Dìleab Thormoid”. Agus chan eil teagamh ach gur e stòras sònraichte a tha seo a chumas luchd-ionnsachaidh adhartach agus luchd-rannsachaidh eile gu math trang sna bliadhnaichean ri teachd.

Gàidhlig mar a tha i ga bruidhinn

Ged ’s ann airson luchd-ionnsachaidh a chaidh Guthan nan Eilean a stèidheachadh, tha e air a bhith a’ feuchainn bho thùs ri bhith a’ glacadh agus a’ cleachdadh cànan nan daoine fhèin anns na coimhearsnachdan. Chaidh cuideam a chur air Gàidhlig mar a tha i ga bruidhinn – ged a tha taic sgrìobhte ann cuideachd dhaibhsan a tha ga h-iarraidh air neo a tha ga faighinn cuideachail. Mar sin tha luchd-chleachdaidh a’ phròiseict a’ faighinn blasad chan ann a-mhàin air a’ chànan agus mar a tha Gàidhlig air a cleachdadh ann an dha-rìreabh san latha an-diugh, ach cuideachd air dòigh-beatha eileanach nan Gàidheal san t-saoghail ioma-chànanach, ioma-chultarach anns a bheil sinn beò.

 

  1. No comments yet.
  1. No trackbacks yet.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: