Home > Community, Research, Video > Ceangal Caraibianach

Ceangal Caraibianach

Abair latha inntinneach a bh’ ann anns an “Taigh-tasgaidh Digiteach” (Digital Museum) air 21/02/21 – Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil. A’ tòiseachadh ann am Bangladesh – far an do rugadh an iomairt airson cànain ar màthairean a chomharrachadh air làtha sònraichte air an son – bha 4 seiseanan eadar-dhealaichte air an cumail fhad ’s a bha a’ ghrian a’ gluasad chun an Iar, le Gàidhlig air a comharrachadh ann an Seisean 3 cuide ri Jamaican.

Gàidhlig cuide ri Jamaican? Seadh, agus le deagh adhbhar. Bha na bha aig an neach-teagasg cànain Audrey West ri ràdh mu dheidhinn dì-meas agus dà-chànanas fìor inntinneach, a’ leantail air òraid ghoirid leis an àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin air Staing na Gàidhlig, agus còmhradh eadar Gordon Wells agus Jibunnessa Abdullah air Guthan nan Eilean. An uair sin bha òran Gàidhlig ann le Meg Hyland – ‘Air Tir an Raoir, air Muir a Nochd’ – a chòrd ris a h-uile duine, air a leantail le beagan deasbad, mus tàinig an tachartas gu crìoch le Yvonne Blake a’ toirt dhuinn “Colonization in Reverse” leis a’ bhàrd ainmeil Louise Bennett Coverley.

Chaidh an seisean air fad a chlàradh air Zoom, agus ‘s urrainnear fhaicinn saor an asgaidh (an dèidh clàradh) tron cheangal seo: https://tinyurl.com/HebrideanCaribbean.

Clàr-ama:

Introductions 00.00.00
Conchúr Ó Giollagáin
The Gaelic Crisis
00.12.50
Gordon Wells
Island Voices
00.31.50
Audrey West
Journey with Jamaican
00.50.45
Meg Hyland
Herring Gutters
01.09.50
Discussion
Question and Answer
01.23.20
Yvonne Blake
Colonization in Reverse
01.35.35
Conclusions 01.39.45

Thathas an dòchas gun tèid ceanglaichean a bharrachd a thogail eadar “muinntir nan Eilean” agus an cànain air an dà thaobh dhen Chuain sna h-amannan ri teachd!

Categories: Community, Research, Video

Leave a comment